
Oighrig NicFhraing
Oighrig NicFhraing a' còmhradh mu beatha ann an Uibhist a Tuath agus Alba Nuadh. Effie Rankin in conversation with Donald Cameron about her life in Uist and Nova Scotia.
'S ann do Chladach a’ Chaolais an Uibhist a Tuath a bhuineas Oighrig Aonghais Iain, Oighrig NicCorcadail na h-òige, ach an-diugh, Oighrig NicFhraing.
Ged a bha beagan èolais aig Dòmhnall Camshron oirre a' chuid bu mhotha dha bheatha, suarach cho tric ‘s a thachair iad ri chèile oir bha ise air a dachaigh a dhèanamh thall ann an Albainn Nuadh, 's ged a bhiodh i bhos san dùthaich seo cho tric ‘s a b’ urrainn dhi, cha robh iad ag amas air coinneachadh.
Mar sin, bha e air leth toilichte cothrom fhaighinn mu dheireadh thall air seanchas fhaighinn rithe is èolas nas doimhne fhaighinn oirre nuair bha i fhèin 's an duine air chuairt ann an eilean a h-àraich mu dheireadh.
Tha Oighrig an toiseach a’ bruidhinn air a h-òige ann a Cladach a’ Chaolais 's cuimhne aice air mòran sgeulachdan, òrain is eile, a chuala i bho sheann bhoireannaich san teaghlach agus a seanmhair sa Chàrnaich nan luib.
Mu aois 22, is i an uair sin na tidsear ùr, chaidh i a theagasg Gàidhlig gu Eilean Cheap Bhreatainn ann an Albainn Nuadh. Chuir i èolas gu math tràth air an teaghlach NicFhraing, a tha ainmeil ann an saoghal a’ chiùil, 's phòs i fear dhiubh bho chionn dà fhichead bliadhna ‘s a dhà. Rinn iad an dachaigh ann am Mabou, far a bheil iad chun an làtha an-diugh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 18 Feb 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 18 Feb 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Feb 201913:00BBC Radio nan Gàidheal