
A' cuimhneachadh air ceannard Sgoil an Òbain, Seonaidh MacGill-Eain.
Remembering John MacLean, Oban High School rector.
Chaochail Seonaidh MacGill-Eain na dhachaigh anns an Òban ann an 1970 aig aois 61 às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth mar cheannard Àrd-sgoil an Òbain. B’ e sàr sgoilear a bh' ann, le ceuman bho Oilthigh Dhùn Èideann, Cambridge agus Vienna.
Am measg na pàipearan a dh’ fhàg Seonaidh às a dhèidh bha bàrdachd a sgrìobh e fhèin a bharrachd air mòran eadar-theangaichaidhean chun na Gàidhlig bho Laideann, Greugais, Gearmailtis agus bhon Bheurla. A bharrachd air an deagh chliù a bh' aige airson sàr sgoilearachd, bha ainm aige cuideachd mar mhaighstir-sgoile laghach, bàigheil.
Anns an dà phrògram a tha seo tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a’ bruidhinn ri daoine a bha eòlach air Seonaidh, bràthair a sheanar feuch an cuir e ris na tha e fhèin air cluinntinn mun duine.
Last on
Clip
![]()
Bràthair mo Sheanair: Prògram 2
Duration: 04:26
Broadcasts
- Tue 29 Jan 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Jan 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Feb 201910:03BBC Radio nan Gàidheal
