
Reasabaidhean caran eadar-dhealaichte airson taigeis
Cluinnidh sinn na bha sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil a' dèanamh aig Celtic Connections 2019.
Glendale Primary School pupils take part in Celtic Connections 2019. bbc.co.uk/aileag
Am measg na th’ aig Marie an-diugh:
Cò a bh' ann an Raibeart Burns agus carson a bhios sinn a' comharrachadh an cò latha breith aige a h-uile bliadhna air a' chòigeamh latha fichead den Fhaoilleach? Cuideachd dè an ceangal a tha aig taigeis ri Raibeart Burns? Tha Marie gar toirt air falbh bho na reasabaidhean àbhaisteach airson taigeis agus ise anns a' chidsin a' cruthachadh rudeigin a thuilleadh air taigeis, sneap agus buntàta.
Cluinnidh sinn mu Làrach-lìn ùr air a bheil an tiotal Disasta no Blasta.
Tha sinn a' dol air ais chun an t-sreath ùr a thòisich an t-seachdain 'sa chaidh mu Albannaich a shoirbhich ann an saoghal spòrs.
Am pàirt a bha aig Sgoil Ghàidhlig Ghleann Dàil aig Celtic Connections.
Agus Ceist Mhòr na Seachdain. bbc.co.uk/aileag
Last on
Music Played
![]()
Skipinnish
Alba
- The Seventh Wave.
- Skipinnish Records.
- 011.
![]()
Twin Atlantic
Heart And Soul
- Great Divide.
- 002.
Paidhean le taigeis

Grìtheidean:
Uinnean air a ghearradh
100g Tuirneap no Snèap air a ghearradh ann an slisean tana
Buntàta mòr air a ghearradh ann an slisean tana
400g Taigeis
600g pastraidh shortcrust
Buidheagan ugh
Ìm
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu ìre 200c, 190c fan no comharra gas 6.
Geàrr ochd cearcaill a-mach às a’ phastraidh.
Pronn an taigeis ann am bobhla.
Cuir pìos uinnean, tuirneap, buntàta, taigeis agus rud beag ìm air na cearcaill a’ fàgail mu 1cm aig na h-iomaill.
A’ cleachdadh bruis cuir rud beag den bhuidheagan ugh timcheall nan cearcaill.
Paisg air an tarsainn gus am bi iad nan leth chearcaill. Faodaidh tu forc a cleachdadh airson am bruthadh sìos aig na h-oireann.
Cuir sgian tro mheadhan nan leth chearcaill dà thuras agus an uair sin liacraich le buidheagan ugh air am feadh.
Cuir dhan àmhainn airson mu fhichead mionaid gus am bi dath òr orra. Mura h-eil iad bruich, faodaidh sibh an teas a chur sìos agus am fàgail airson fichead mionaid eile. Tha iad nas fheàrr ma tha iad air an ithe teth.
Paidh le taigeis gun feòil

Grìtheidean:
1 spàin bùird oregano
1 taigeis gun feòil
1 spàin bùird purée tomàtothan
100g càise feta
50g bloinigean-gàrraidh (spinach) air a bhruich
600g pastraidh shortcrust
1 buidheagan ugh
Dòigh:
Teasaich an àmhainn gu 200C, fan 180 no comharra gas 6.
Fosgail an taigeis, cuir ann am bobhla mòr agus pronn i le forc.
Cuir an oregano, càise feta, bloinigean-gàrraidh agus am purée tomàtothan ann agus measgaich.
Roilig a-mach am pastraidh agus geàrr 8 pìosan cruinn a-mach às.
Cuir cuid den mheasgachadh ann am meadhan a’ phastraidh.
A’ cleachdadh bruis, cuir uisge fuar timcheall oir na pìosan cruinn pastraidh agus paisg e gus am bi leth-chearcaill agad agus cleachd forc airson an dùnadh.
Cuir air treidhe àmhainn iad agus còmhdaich iad leis a’ bhuidheagan.
Cuir dhan àmhainn agus cùm sùil orra gus am bi dath òr orra.
Broadcasts
- Fri 25 Jan 201914:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 26 Jan 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
