
An treas Leabhar Mòr Sgitheanach
Coinneach MacÌomhair le prògram leis a' chraoladair Tormod Dòmhnallach agus Cailean MacIllEathain. Kenny MacIver's programme in tribute to the late broadcaster Norman Macdonald.
Chaill Radio nan Gàidheal deagh charaid agus saoghal na Gàidhlig sàr Ghàidheal an t-seachdain a chaidh, nuair a thàinig naidheachd bàis Thormoid Dhòmhnallaich a bha cho tric ri chluinntinn air prògraman naidheachd agus aithriseach. Bha ùidh agus eòlas mòr aig Tormod ann an eachdraidh agus leabhraichean agus thug e fhèin agus an dealbhadair Cailean MacIllEeathain an cuid sgilean còmhla airson trì leabhraichean mun Eilean Sgitheanach, far a robh an dithis a' fuireach, a sgrìobhadh.
San Fhaoilleach 2019 bha an treas leabhar dìreach air a bhith air fhoillseachadh agus ghabh Coinneach MacÌomhair an cothrom bruidhinn riutha a dh'fhaicinn ciamar a chaidh iad timcheall air na leabhraichean a chuir ri chèile, na dùbhlain a bh' aca leotha agus thog iad cuideachd air cuid a nochd san leabhar.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 8 Jan 201909:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 8 Jan 201921:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 16 Mar 202322:25BBC Radio nan Gàidheal