
Tha Cathy a' guidhe Nollaig Chridheil dhuibh
Tha Calum Dòmhnallach, Calina Nic Dhòmhnaill agus Dòmhnall Màrtainn còmhla ri Cathy. Calum MacDonald, Calina MacDonald and Donald Martin join Cathy to wish you a merry Christmas.
Air Latha na Nollaig chanadh sibh gu robh robh fhios againn air a h-uile dad mu dheidhinn an latha sònraichte seo, ach tha criomag no dhà fiosrachaidh a bharrachd aig Calum Dòmhnallach dha Cathy air a’ phrògram an-diugh.
Tha cuileann, eidheann agus sùgh-daraich uile am measg sgeadaichean na dachaigh aig àm na Nollaig. Tha Calina Nic Dhòmhnaill ag innse mu na diofar phlanntraisean air a bheil sinn uile measail gu h-àraid aig an àm seo dhan a’ bhliadhna.
Tha an laoidh ainmeil Silent Night 200 bliadhna a dh’aois air an Nollaig seo fhèin. Chaidh Dòmhnall Màrtainn dhan dearbh Chapall bheag bhìodach san Ostair far an deach a sgrìobhadh agus tha e seo airson innse mu dheidhinn agus cuideachd mun ùghdar Franz Xaver Gruber. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Broadcasts
- Christmas Day 201812:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 201820:30BBC Radio nan Gàidheal