
Flùraichean Chelsea 2018
Ceitidh Anna NicChoinnich agus caraidean a' tadhal air Taisbeanadh RHS Chelsea 2018. Katie Ann MacKenzie and guests visit this year's RHS Chelsea Flower Show.
Sa Chèitean, a h-uile bliadhna tha cruth-atharrachadh a' tighinn air làrach an Ospadail Rìoghail ann an Chelsea, a Lunnainn. 'S ann a seo a tha an Taisbeanadh Fhlùraichean 's cliùitich air an t-saoghal ga chumail. Tha còrr agus ceud bliadhna bho chaidh a stèidheachadh agus ann a mìos, chaidh sia acaire fichead de thalamh gorm a thionndadh airson àite a dhèanamh do sheachd air fhichead gàrradh dha gach seòrsa.
Tha Taisbeanadh Fhlùraichean Chelsea a'comharrachadh toiseach an t-samhraidh agus a' tàladh còrr air 150,000 neach, a' Bhanrigh nam measg, còmhla ri iomadach duine uasal agus ainmeil eile.
Fhuair Ceitidh Anna NicCoinnich cothrom a dhol an luib Flùraichean Chelsea am bliadhna còmhla ri triùir eileanach a tha air a bhith a' fuireach ann an Lunnainn fad bhliadhnaichean. Tha Donnchadh MacIllÌosa à Nis ann an Leòdhas air bhith na ghàirnealair ann an ceann a tuath Lunnainn còrr is leth-cheud bliadhna, cuide ris bha Norah NicLèoid, à Scalpaigh aig a bheil ùidh mhòr ann an obair gàrraidh agus a tha air bhith a' fuireach ann an Lunnainn trì fichead bliadhna. Còmhla riutha cuideachd bha tè aig a bheil èolas farsaing air Chelsea agus an sgìre mun cuairt agus guth air a bheil sinn gu math èolach, Anna NicLeòid, a tha air a dachaigh a dhèanamh ann an Lunnainn fad seachd bliadhna deug.
Gach bliadhna tha dùbhlan air a chur ron luchd-deilbh, gàrraidhean cruthachail a bheir spionnadh, brosnachadh agus sàr-thoileachas do gach cuid britheamh agus luchd-amharc thairis air aon sheachdain aig deireadh a' Chèitein. Am-bliadhna, ha seachd thar fhichead gàrrradh de gach seòrsa air a thaisbeanadh, gach fear le amas am bonn òr a chosnadh nan roinn fhèin.
Thadhail iad cuideachd anns an teanta mhòr, pàillean a tha cho mòr ri dà raon ball-coise airson sùil a thoirt air taisbeanadh sònraiche a choisinn Bonn Òr mu thachartas eachdraidheil a bha glè mhòr air a bhith anns na naidheachdan aig toiseach na bliadhna. Bha seo a' comharrachadh 70 bliadhna bho thàinig ginealach Windrush a-nall às a' Charribean mar phàirt dhan Ìmpireachd agus a thàinig a dh'obair a Bhreatainn mar shaoranaich na h-Ìmpireachd.
Last on
Broadcast
- Christmas Day 201811:00BBC Radio nan Gàidheal