Main content

Ag ullachadh airson na Nollaig
Tha sgoilearan Stafainn ag innse mun ullachadh a th' aca ri dhèanamh airson an Consairt Nollaig aca.
Staffin Primary School pupils prepare for their Christmas concert.
Tha prògram loma làn aig Marie dhuibh an t-seachdain-sa agus sinn trang ag ullachadh airson àm na Nollaig. Cluinnidh sinn bho sgoilearan Bun-Sgoil Stafainn a tha a' deisealachadh airson an Consairt Nollaig acasan. Eachdraidh òrain Nollaig a ràinig àireamh a h-aon anns na Charts. Cuideachd Panto Gàidhlig Fèisean nan Gaidheal, na rudan as fheàrr leib’ fhèin mu àm na Nollaig agus tha sinn a' faighneachd carson a bhios sinn a’ cleachdadh sgeadachaidhean Nollaig. bbc.co.uk/aileag
Last on
Sat 8 Dec 201812:00
BBC Radio nan Gàidheal
Music Played
![]()
Ben Haenow
Something I Need
- Ben Haenow.
- 010.
![]()
James Arthur
Impossible
- James Arthur.
- Syco.
- 1.
![]()
Alexandra Burke
All Night Long
- Overcome.
- 004.
![]()
Dalton Harris & James Arthur
The Power of Love
- Single.
- 1.
Bonaidean airson Craobh Nollaig

Na dh'fheumas sibh:
Diofar dathan de shnàth
Siosar
Rola cairt (toilet roll tube)
Rùilear
Mar a nì sibh e:
Geàrr an rola cairt ann an trì pìosan.
Geàrr pìosan fada den t-shnàth.
Còmhdaich am pìos cairt leis an t-shnàth. Feumaidh sibh na pìosan fhada fhàgail an-dràsta.
Nuair a tha còmhdach air a’ chairt, gabh greim air na pìosan snàth còmhla agus slaod iad tron phìos cairt. Cuir snaim timcheall air na pìosan faisg air mullach nam pìosan fada gus am bi seòrsa de pom pom aig mullach na bonaid.
Fàg pìos snàth fada airson a’ bhonaid a’ chrochadh air a’ chraoibh.
Faodaidh sibh na bonaidean agaibh a’ sgeadachadh le sequins no putain bheaga mar a thogras sibh.
Rèin-fhiadh airson Craobh Nollaig

Na dh’fheumas sibh:
Meadhan rola pàipear – (toilet roll cardboard tube)
Pìosan pàipear donn
Pìoban glanaidh donn (brown pipe cleaners)
Pom poms no putain dearg
Sùilean googly
Glaodh
Siosar
Pìos ribean no sreang
Teip steigeach
Mar a nì sibh e:
Geàrr na rolaichean pàipear ann an dà leth.
Cleachd an glaodh gus còmhdach pàipear donn a chur air an rola. (Mura bheil pàipear donn agaibh, faodaidh sibh peann a chleachdadh gus dath a chuir air).
Cuir toll tro gach taobh den rola airson na cabair, le snaim air an taobh a-staigh den rola. Faodaidh sibh toinneamh no dha a chuir air na pìoban glanaidh airson ‘s gum bi iad nas coltaiche ri cabar.
Airson sròin, cleachd an glaodh gus na pom poms no na putain dhearg a chur ann am meadhan na rola.
Cuir sùilean air.
A’ cleachdadh an teip steigeach, cuir pìos sreang no ribean air an rola gus an rèin-fhiadh a chrochadh air a’ chraoibh.
Broadcasts
- Fri 7 Dec 201814:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 8 Dec 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
