
Cò a ghabhas àite Mherkel anns a' Ghearmailt?
Le Angela Merkel a’ cur cùl ri cumhachd, cò a ghabhas a h-àite anns a’ Ghearmailt? With Angela Merkel expected to leave power in Germany, who will take her place?
Airson iomadach bliadhna, tha Angela Merkel air a bhith os cionn poilitigs agus riaghaltasan na Gearmailt. Ach, às dèidh iomadach taghadh, tha i a-nise a’ dèanamh deiseil airson a cùl a chuir ri smachd air an dùthaich. Cò a ghabhas a h-àite? Tha Coinneach a’ faighneachd dha dithis Ghearmailtich, feuch dè am beachd.
Tha an dotair Sarah Marr ag innse sgeulachd Sophia Jex-Blake, lighiche, tè iomairt agus tidsear à Sasainn – agus a’ chiad boireannach a rinn dotaireachd aig an oilthigh ann an Alba.
Cluinnidh Coinneach cuideachd bho Mhurchadh Peutan mun stuth ceimigeach Ammonia.
Agus sgrìob dhan tasglann agus tro sheann chlàran Mhal MhicLeòid, mar a dh’innis e dha Coinneach mu chlàr Na Lochies ann an 2005. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 21 Nov 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 21 Nov 201821:03BBC Radio nan Gàidheal