
Taisbeanadh mu Chall na h-Iolaire
An-diugh tha Coinneach aig taisbeanadh Thaigh Tasgaidh nan Eilean mu chall na h-Iolaire.
A special programme from Museum nan Eilean's new exhibition on the loss of the Iolaire.
An-diugh tha Prògram Choinnich a' tighinn à Taigh Tasgaidh nan Eilean ann an Steòrnabhagh, far a bheil taisbeanadh a' cuimhneachadh air call na h-Iolaire air Latha na Bliadhn' Ùire, 1919. Chaillear 201 de na 280 a bha air bòrd nuair a chaidh an t-soitheach air na creagan faisg air caladh Steòrnabhagh.
Tha an taisbeanadh a' toirt sùil air na thachair dhan bhàta, a' bhuaidh a bh' aige air muinntir Leòdhais, Na Hearadh agus Beàrnaraigh, agus a' bhuaidh mhaireannach a thug an tubaist air na h-Eileanan an Iar. An cuideachd Choinnich tron phrògram tha Catrìona Dunn, Iain MacArtair, Aonghas MacLeòid, Eòghainn MacLeòid, Iain MacFhionghain, agus Anna NicFhionghain.
Tha Taisbeanadh na h-Iolaire a' fosgladh don phobaill an-diugh fhèin.
bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 2 Oct 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 2 Oct 201821:00BBC Radio nan Gàidheal