
An nàimhdeas eadar Arabaich agus muinntir Ioràin
Carson a tha uiread de nàimhdeas eadar Arabaich agus muinntir Ioràin? bbc.co.uk/coinneach
Why is there so much animosity between the Arab world and Iran? bbc.co.uk/coinneach
An-diugh tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cluinntinn barrachd mun chòmhstri a tha san Ear Mheadhanach eadar an saoghal Arabach is muinntir Ioràin. Aig an deireadh sheachdain, choirich Ioràn dùthchannan Arabach agus na Stàitean Aonaichte airson ionnsaigh cheannairc ann an sgìre de dh’ Ioràn far a bheil mòran Arabaich a’ fuireach. Eadar creideamh agus cinneadh, dè na sgaraidhean a tha a’ fàgail còmhstri eadar an dà shluagh as motha san Ear Mheadhanach?
Cuideachd sa phrògram an-diugh, tha Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, a bha bliadhnaichean ag obair a’ fastadh dhaoine dhan arm, a’ mìneachadh na dùbhlain a tha ro Arm Bhreatainn saighdearan a lorg. A bheil coltas ann gun tig piseach air an t-suidheachadh?
Tha Mìcheal MacAoidh a’ toirt iomradh air sluagh gu math cudromach ann an eachdraidh phoilitigeach nan Stàitean Aonaichte – na h-Èireannaich Albannach, neo na 'Scots Irish'. Ach cò iad agus carson a tha iad cudromach?
Agus còmhradh cuideachd mu bhith ag ionnsachadh cànain. A bheil còir aig Breatainn barrachd a dhèanamh gus cànain eadar-nàiseanta ionnsachadh, is sinn a-nise a’ fàgail an Aonaidh Eòrpaich? bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 25 Sep 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 25 Sep 201821:00BBC Radio nan Gàidheal