
A’ còcaireachd mhaoraich le Alasdair MacLeòid.
Tha Coinneach agus Alasdair MacLeòid air ais anns a' chidsin agus maorach aca 'sa phoit. Daily debate and discussion.
Air prògram an latha an-diugh tha Coinneach a’ cluinntinn mu inneal mòr le ainm beag, co-dhiù mar a chluinneas sinn e gu tric: sganairean MRI. Bhàsaich an t-Ollamh Seumas Hutchison a thog a’ chiad inneal den t-seòrsa seo, is a bhuineadh do dh’Obar Dheathain, aig deireadh na mìos sa chaidh. Tha Murchadh Peutan ag innse beagan mu bheatha an duine.
Thairis air na seachdainean a dh’fhalbh tha Alasdair MacLeòid air a bhith a’ toirt blasad na mara gu Prògram Choinnich. An-diugh tha e air ais le taghadh de mhaorach; muirsgein, muasgan-chaola, giomaich agus crùbagan. Ciamar a chòrdas iad ri Coinneach, Aileen Elder agus Màiri NicMhathain?
Agus tha Coinneach a’ cluinntinn mu Ghleann Ruaidh agus Srath Chonainn, ann an sreath bho thasglann Phrògram Choinnich aig 25 bliadhna a dh’aois. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 13 Sep 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 13 Sep 201821:13BBC Radio nan Gàidheal