
Còmhstri Uisgeachan a' Nìl
Carson a tha An Èipheit agus Ethiopia a' dol a-mach air a chèile mu Abhainn a' Nìl? Why are Egypt and Ethiopia locked in a dispute over the waters of the Nile?
Chan eil càil cho bunaiteach dhan Èipheit ri Abhainn a' Nìl. Ach tha dùthchannan eile ann a tha air bràighean na h-aibhne - Ethiopia nam measg. Agus tha plana mòr aig Ethiopia airson dam a thogail a bheir cruth-atharrachadh air an abhainn, rud a th' air eagal a chuir air na h-Èipheitich. Carson a tha seo? Gheibh Coinneach facal air Maureen NicLeòid a th' air a bhith a' rannsachadh na sgeòil.
Chan ann a-mhàin air aibhnichean a bhios Coinneach a-mach an-diugh ge-tà, agus Mìcheil Hill a' gabhail sgrìob tro na bùithtean carthannais. Innsidh e dè an dà leabhar a thog e airson nas lugha na £5.
Ann an Tasglann na Gàidhealtachd an t-seachdain sa, tha an t-Oll. Dòmhnall Iain MacLeòid a' toirt sùil air Mairead NicDhùghaill, boireannach ainmeil eile bhon Ghàidhealtachd, aig an robh ùidh mhòr ann an eachdraidh sgìre Inbhir Nis mar leabharlannaiche a' bhaile.
Bidh muinntir Ùig Leòdhais a' foillseachadh ìomhaigh shnaighte de Lochlannach ainmeil an-diugh: Leif Ericsson, a' sheòl a dh'Ameireagaidh a' Tuath tràth sna meadhan aoisean. Ach cò bh' ann an Leif Ericsson? Agus carson a tha ìomhaigh dheth ga fhosgladh ann an Ùig? Sin na ceistean a bhios aig Coinneach dha Joni Bhochanan, bho Chomann Eachdraidh Ùig. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 8 Aug 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Aug 201821:00BBC Radio nan Gàidheal