
Runrig
Neen NicAoidh le Calum 's Ruaraidh Dòmhnallach à Runrig nuair a bha 'd 10 bliadhna còmhla. Neen MacKay with Calum and Ruaraidh MacDonald of Runrig marking 10 years together.
Le fios againn a-nis mar a thachair dhaibh bhon uair sin, 's e prògram inntinneach a tha seo, a' toirt sealladh dhuinn air làithean tràth Runrig. Mus robh iad air a bhith a' dol deich bliadhna bha iad air trì clàir a thoirt a-mach - Play Gaelic, The Highland Connection agus Recovery. Sa phrògram seo, a chaidh a chlàradh mun àm a bha iad air a bhith còmhla deich bliadhna, tha Neen NicAoidh a' bruidhinn ri Calum 's ri Ruaraidh Dòmhnallach mu na làithean tràth a bha sin. Cluinnidh sinn mar a bha an còmhlan an toiseach na chòmhlan dannsa agus mar a thòisich Calum an uair sin a' sgrìobhadh òrain, 's gheibh sinn beachd bho Ruaraidh mun a' cheòl agus na h-ionnsramaidean a thug iad a-steach. Innsidh iad cuideachd mar a chaidh iad proifeiseanta, ach mar a b'fheudar dhaibh a leigeil seachad greiseag agus na h-atharrachaidhean a rinn iad nuair a thill iad gu bhith proifeiseanta.
Last on
Broadcasts
- Tue 31 Jul 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 31 Jul 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Aug 201810:00BBC Radio nan Gàidheal