
Feasgar air Dimàirt
Na cunnartan a tha an cois losgadh bhon ghrèine. The dangers associated with sunburn. bbc.co.uk/feasgar.
Tha a' ghrian air a bhith a' sgoltadh nan creag ann an Alba a-nis bho chionn grunn sheachdainean. Seach nach eil sinne san dùthaich seo cleachdte ri leithid a theas, tha iomadh duine air a bhith air an losgadh. Sin an dearbh rud a thachair do Mhàiri Ross agus tha I a' fulang air a shàileibh. Cluinnidh a sgeulachd agus gheibh sinn comhairle air na dòighean as fheàrr sinn fhìn a dhìon bhon ghrèin.
Tha amannan den bhliadhna an còmhnaidh gan comharrachadh airson iomadh nì agus cuspair. An-diugh Latha Nàiseanta a' toirt comhairle gun Seasamh air Seillean. Tha sinn air mòran a chluinntinn mu sheilleanan anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus air cho cudromach 'sa tha iad dhan àrainneachd. Tha Eòghann MacChoinnich còmhla rinn airson barrachd mìneachaidh a dhèanamh air a' chuspair.
Tha fichead 'sa ceithir bliadhna ann bho a-nochd am prògram Friends air an telebhisean an toiseach agus gu dearbha, abair gun do shoirbhich leis. Chum am prògram a dol fad deich bliadhna agus bha e air ainmeachadh mar aon de na prògraman as soirbheachail a bha riamh air an t-saoghail. Thairis nam bliadhnaichean, fhuair sinn eòlas air an iomadh seòrsa car is tachartas a bha tighinn am beatha nan caractaran ann am baile New York agus anns na flataichean aca ann a Manhattan. Tha Friends Fest a' gabhail àite ann an Alba an dràsta, aig Pàirc Bhictoria, agus tha cothrom aig daoine dhol am broinn na flataichean ainmeil aig Friends agus iomadh rud bhon t-sreath fhaicinn dhuib' fhèin. Ghabh Rachel NicAoidh an cothrom a dhol ga fhaicinn agus tha i còmhla rinn airson innse mu dheidhinn. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Music Played
![]()
Armin van Buuren
Sunny Days (feat. Josh Cumbee)
- A State of Trance: Year Mix 2017.
- Armada Digital.
- 020.
![]()
Albin Lee Meldau
I Need Your Love
- About You.
- Astralwerks.
- 003.
![]()
The Rembrandts
I'll Be There For You
- Greatest Hits.
- Rhino.
- 011.
![]()
John Newman
All I Need Is You
- Tribute.
- Republic Records.
- 011.
![]()
All Saints
Love Lasts Forever
- Testament.
- AS Recordings.
- 3.
![]()
Calum Scott
Give Me Something
- Only Human.
- Capitol.
![]()
London Grammar
Wicked Game
- BBC Radio 2: Sounds of the 80s - Unique Covers of Classic Hits.
- Warner Music Australia.
- 023.
Broadcast
- Tue 10 Jul 201812:33BBC Radio nan Gàidheal
