
Co-labhairt na Fèinne aig SMO
An-diugh tha Coinneach a' cluinntinn mu eachdraidh, bàrdachd agus sgeulachdan na Fèinne. Coinneach learns more about the poetry, verse and tales of ancient Gaelic heroes.
Cò bh' ann an Cù Chulainn? Cò bh' ann am Fionn Mac Cumhaill? Agus dè tha sinn a' ciallachadh nuair a chluinneas sinn mu na Fianntaichean?
Sin cuid de na ceistean a tha aig Coinneach an-diugh 's e aig co-labhairt UlidiaFinn18 aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite. Chruinnich mòran sgoilearan an sin airson bruidhinn air na seann sgeulachdan Gàidhealach, a bha uair cho bitheanta, ach a tha an-diugh gann am measg an t-sluaigh.
Am measg nan cuspairean a bhios air an togail, tha Dùn Scàthaich - dùn air taobh siar Shlèite san Eilean Sgitheanach. B' ann an seo, a rèir beul-aithris agus na seann làmh-sgrìobhainnean, a chaidh Cù Chulainn a thrèanadh leis a' bhana-ghaisgeach Scàthach. Gabhaidh Coinneach sgrìob mun làraich agus mun eachdraidh.
Tha Coinneach cuideachd a' cluinntinn mar a tha dol dha luchd-ciùil agus luchd-aithris a tha an dòchas seann laoidhean na Fèinne ath-bheòthachadh agus gheibh sinn iomradh air mar a bhiodh na bàird a' togail air na Fianntaichean ann an òrain is dàin àbhaisteach.
Cuideachd iomradh air ainmean àiteachan anns an Eilean Sgitheanach - deas agus tuath - aig a bheil ceangal ris na Fianntaichean. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 19 Jun 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 19 Jun 201821:00BBC Radio nan Gàidheal