
05/06/2018
A' cuimhneachadh air a' mha'-sgoile, am bàrd 's an sgrìobhaiche agus 100 bliadhna bho rugadh e. Remembering the poet, writer and headmaster John MacArthur, born 100 years ago.
'S e ma'-sgoile, bàrd, sgrìobhaiche, seinneadair, agus craoladair a bh' ann an Iain MacArtair, Iain a' Phoilisman neo Lofty, mar a bh' aig cuid air le cho àrd, caol 's a bha e. Rugadh e ann a Suardail sa Rubha a Leòdhas air an 6mh den Ògmhios 1918. A thuilleadh air a bhith a' teagasg ann an Àrd-sgoil agus Bun-sgoil Steòrnabhaigh airson faisg air 40 bliadhna bha e cuideachd dripeil na cheann-suidhe air Comunn Gàidhealach Leòdhais, na chomhairliche Gàidhlig aig Còisirean Steòrnabhaigh agus Lacasdail agus a' ruith taigh-aoigheachd còmhla ri bhean Catriona. Agus am meadhan a h-uile càil a bha sin, agus le ceathrar chloinne mu chasan, bhiodh Iain a' sgrìobhadh bàrdachd agus rosg dha fhèin agus do dhaoin' eile agus dhan a' BhBC. Cluinnidh sinn mar a sgrìobh e Creag an Fhraoich agus Aimh-chrò 's mu na cuspairean mu robh e a' sgrìobhadh rosg, leithid bàrdachd Uilleim Dhòmhnaill 'ic Coinnich agus An Àirigh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 5 Jun 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Jun 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Jun 201810:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 201812:03BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Eve 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Dec 201810:03BBC Radio nan Gàidheal
