03/06/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 985.
Last on
More episodes
Previous
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 681
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 985
Duration: 05:09
Litir 985: Gràinne agus am Buidseach Glas (3)
Bha am Buidseach Glas an tòir air Fionn agus Gràinne nuair a ràinig iad an Abhainn Dearg. Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sàbhailteachd. Bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snàmh. Cha robh fios aca dè dhèanadh iad oir cha robh fiodh sam bith ann airson bàta a thogail. Ach bha leug dhearg aig Gràinne na falt. Nan toireadh Gràinne an leug a-mach, gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh.
Ghabh Gràinne grèim air an lèig na làimh agus dh’iarr i oirre bàta a dhèanamh dhaibh gus am faigheadh i fhèin is Fionn a-null. Nochd bàta air am beulaibh agus dh’fhalbh Gràinne is Fionn innte. Mun àm a ràinig am Buidseach Glas an abhainn bha an cupall ro fhada a-mach.
Thill Fionn is Gràinne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach. Bha iad an dùil leanabh a bhith aca agus bha iad gu math sona. Goirid ro latha a bhreith, chaidh iarraidh air Fionn a dhol a thoirt taic do Chlann Mòrna, a bh’ ann an cunnart. Chan ann le deòin Gràinne a dh’fhalbh e, ach bha e air gealltanas a thoirt do Chlann Mòrna gun toireadh e taic dhaibh nam biodh iad ann an cunnart. Agus cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’àicheadh a bhòidean.
Cha robh e air falbh ach trì latha. Ach, tron ùine sin, nochd am Buidseach Glas a-rithist agus thug e Gràinne air falbh an aghaidh a toil. Nuair a thill Fionn bha Gràinne air falbh. Chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios agus fhuair e a-mach gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air Gràinne. Bha i a-nise a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde – fiadh boireann. Agus cha robh i ruadh no donn. Bha i bàn.
Chaidh dusan bliadhna seachad agus, latha a bha seo, bha iad a’ sealg faisg air doire nuair a dh’fhàs Bran, cù Fhinn, fiadhaich. Cha leigeadh e le cù no duine, ach a-mhàin Fionn, a dhol a-steach am measg nan craobh.
Nuair a chaidh Fionn ann, lorg e gille mu dhusan bliadhn’ a dh’aois. Cha robh cànan sam bith aige ach cànan nam fiadh. Ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhàthair air imlich. Thuig Fionn gum b’ e seo a mhac – agus chuir e an t-ainm Oisean air, a’ ciallachadh ‘fiadh beag’.
Ged a dh’ionnsaich Oisean cànan nan daoine – cànan nan Gàidheal, gu dearbh – cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh. Turas a bha seo, bha e air Eilean Fladaigh agus bha a chompanaich ag ithe sitheann. Cha robh Oisean deònach an fheòil ithe. ‘Nach ith thu an fheòil?’ thuirt iad.
‘An itheadh sibhse calpa ur màthar?’ dh’fhaighnich Oisean dhiubh.
Nuair a chaochail Gràinne, leig am Buidseach Glas le Oisean dhol gu Tìr an Dorchadais airson dust a mhàthar a thoirt dhachaigh. Bha i a-nise ann an cruth caillich. Thog na Fianna àite-tiodhlacaidh dhi air mullach beinne faisg air Gleann Eilg, air taobh an Eilein Sgitheanaich dhen chaolas. ʼS e Beinn na Caillich a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh. Tha i ainmichte airson Gràinne.Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Buidseach Glas: Grey Magician; leanabh: baby; doire: copse; Eilean Fladaigh: The Isle of Fladday; àite-tiodhlacaidh: burial place.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sàbhailteachd: on the far side was Glenelg and safety; bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snàmh: the current and width of the river was too great even for Fionn, who was a good swimmer; bha leug dhearg aig Gràinne na falt: Gràinne had a red jewel in her hair; gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh: she would get one wish and the magic would be used up; dh’iarr i oirre bàta a dhèanamh dhaibh: she asked it to make them a boat; bha an cupall ro fhada a-mach: the couple were too far out; chan ann le deòin Gràinne a dh’fhalbh e: it wasn’t with Gràinne’s assent that he went; bha e air gealltanas a thoirt do: he had promised; an aghaidh a toil: against her will; chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios: Fionn put his finger under his tooth of knowledge; gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air X: that X was transformed; a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde: running the forests in Glen Affric in the form of a hind; chan fhac’ iad eilid bhàn: they didn’t see a white hind; ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhàthair air imlich: in the middle of his forehead, he had a tuft of deer hair where his mother had licked; chuir e an t-ainm Oisean air: he called him Oisean; cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh: he didn’t forget that he was raised among the deer; bha a chompanaich ag ithe sitheann: his companions were eating venison; an itheadh sibhse calpa ur màthar?: would you eat your mother’s shank?; airson dust a mhàthar a thoirt dhachaigh: to take his mother’s remains home.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Thill Fionn is Gràinne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach: Fionn and Gràinne returned to Glenelg to live. This is another way of saying ‘thill iad a dh’fhuireach ann an Gleann Eilg’. Here’s another example: chaidh mi a Ghlaschu a dh’fhuireach nuair a bha mi òg ‘I went to Glasgow to live when I was young.’
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’àicheadh a bhòidean: Fionn Mac Cumhail wasn’t going to deny his pledges.
Broadcasts
- Sun 3 Jun 201822:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Jun 201823:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.






