
05/06/2018
Cò bh' ann an Ruairidh Arscainn is Mhàrr is dè bh' ann an Guth na Bliadhna? Who was Ruairidh Erskine of Marr and what was Guth na Bliadhna? bbc.co.uk/coinneach.
Air an latha seo an uiridh dhùin Saudi Arabia, Bahrain, na h-Emirates, an Èipheit is mòran eile crìochan le Qatar. Bhon uairsin tha an còmhstri is an eas-aonta a' leantainn le casaidean mu cheannairceach ro Qhatar agus mu dhol a-mach mì-onarach. Casaidean de bhurraidheachd ron a' chòrr. Ach carson a tha seo air a bhith dol air adhart cho fada?
Nise an t-seachdain sa chaidh dh'fhaodadh gun cuala sibh beagan mu Mhaighstir Gilleasbuig Chaimbeul, sagart a bha na mhiseanaraidh thall ann an Albainn Nuadh. Thog Oighrig Nic Fhraing air Guth na Bliadhna, iris a bh' air a dheasachadh le caractar cudromach ach annasach ann an saoghal na Gàidhlig aig toiseach na linn a chaidh seachad: Ruairidh Arscainn is Mhàrr. Ach cò e agus è bh' ann an Guth na Bliadhna?
'S iad an fheadhainn a gheibh buaidh a sgrìobhas an eachdraidh. Nach iomadh uair a chluinneas sinn na briathran. Ach tha e gun teagamh fìor gu bheil iomadach dòigh ann an uairsin air an eachdraidh sin a sgrùdadh agus diofar feallsanachdan leis an gabh sin a dhèanamh. Tha Calum Iain Bartlett an seo le sreath ùr a' coimhead air na feallsanachdan sin. Gach seachdain bi e a' mìneachadh dòighean eadar dhealaichte air eachdraidh a sgrùdadh. An-diugh: "feallsanachd a' cheannard" - neo the "Great Man Theory".
Agus tha Iain Stephen Mhoireasdan an seo agus esan air trì leabhraichean a cheannach à bùth charthannais airson nas lugha na còig notaichean. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 5 Jun 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Jun 201821:00BBC Radio nan Gàidheal