
Còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid
2/2 Seirbheis à tasglann a’ BhBC còmhla ris an Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba. Archive service form 1994 with Rev Dr Roddy MacLeod, Church of Scotland 1994.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 106: 1-3 air fonn St David agus ’s e Dòmhnall M Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 25: 4-5 air fonn Evan agus ‘s e Iain A Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba an Ùige, Leòdhas.
Leughadh: Leabhar nan Gnìomharan 9: 1-9
Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bhiodh e fhathast a' cumail sheirbheisean Gàidhlig ann am Meadhan Earra Ghàidheal agus anns an Òban a h-uile mìos airson bliadhnaichean mòra às dèidh sin. Bha e bliadhna thar fhichead mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd gu mòr a sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig na h-eaglaise.
Last on
An Dr Urr Ruairidh MacLeòid

Broadcasts
- Sun 6 May 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Apr 202321:00BBC Radio nan Gàidheal