
Aileag còmhla ri Lisa
Air Seachdain Nàiseanta Doughnuts, chaidh dùbhlan a chur air Lisa agus a caraidean. On National Doughnut Week, Lisa and friends have been given a 'doughnut challenge'.
Seo na tha air chlàr aig Lisa an-diugh.
Seachdain Nàiseanta Ceapairean agus Seachdain Nàiseanta Doughnuts.
Cluinnidh sinn dè na rudan a tha sibh a' cur air ar ceapairean.
Tha dùbhlan Doughnuts ro Lisa, Krisell agus Callum - saoil cò aca a rinn an gnothach?
Tha Peigi air ais le tuilleadh smuaintean mu bhall-coise nam ban.
Agus naidheachd mhòr na seachdain, a' Bhanais Rìoghail. Tha Cubs agus Beavers anns an Rubha ann an Leòdhas ag innse mar a tha iadsan a' comharrachadh na bainnse.
Agus bhon a tha tòrr againn mu dheidhinn biadh an t-seachdain-sa, tha blas math air na h-òrain againn cuideachd agus iad uile ceangailte ri biadh mar siùcar, teòclaid agus mar sin air adhart. bbc.co.uk/aileag.
Last on
Broadcasts
- Fri 18 May 201814:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 19 May 201812:00BBC Radio nan Gàidheal