
Coinneach madainn Diciadain
Cò bh' ann an Rob Donn agus carson a tha a bhàrdachd cho cudromach? Who was Rob Donn and why are his songs and poems so important? bbc.co.uk/coinneach.
Cò bh' ann an Rob Donn, bàrd Dhùthaich MhicAoidh? Sin a' cheist a th' aig Coinneach dha dithis a tha fìor eòlach air a' bhàrdachd aige, Dòmhnall Iain MacLeòid agus Gillebrìde MacIlleMhaoil. Saoil dè an dìleab a dh'fhàg am bàrd sa, a rugadh bho chionn 300 bliadhna?
Bho bhàrdachd an 18mh linn chun an latha an-diugh agus Coinneach a' faighneachd dè an suidheachadh sa bheil sgrìobhadh òrain is bàrdachd às an latha th'ann? A bheil i fallainn no cugallach?
Cluinnidh Coinneach cuideachd mar a bhios innealan-airgid - na h-ATMs - a' dèanamh an cuid airgid agus deasbad ann an-dràsta mun chunnart gun dùin cuid aca air a' Ghàidhealtachd.
Agus dè na leabhraichean a thog Faye NicNèill sna bùithtean carthannais. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 16 May 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 May 201821:00BBC Radio nan Gàidheal