Main content
Sorry, this episode is not currently available

Breatainn is an Ìmpireachd gan taisbeanadh am Pàirce Bellahouston an Glaschu ann an 1938. The Empire Exhibition of 1938 in Glasgow's Bellahouston Park.

Chaidh Taisbeanadh na h-Ìmpireachd 1938 fhosgladh le Rìgh Seòras VI air an 3mh là den Chèitein aig Pàirce Ibrox an Glaschu. Thairis air an t-samhradh thadhail còrr is 12 millean duine gu Pàirce Bellahouston far an robh an taisbeanadh stèidhte. Do mhuinntir Ghlaschu bha e mar saoghal eile; còrr is 100 togalach eireachdail air an dealbhachadh le sgioba de dh'ailtirean bho stiùir an ailtire Tòmas Tait à Pàislig.

Ri taobh Tùr na h-Ìmpireachd, a bha 300 troigh a dh'àirde, bha taighean-tughaidh a' Chlachain anns am faicear Gàidheil a' snìomh is ag obair ann an ceàrdaich. Chan eil ach aon thogalach bhon taisbeanadh ann an 1938 air fhàgail am Bellahouston an-diugh, sin Lùchairt nan Ealan a tha na ionad spòrs aig Comhairle Baile Ghlaschu. Tha Catriona Mhoireach a' faighinn a-mach mun taisbeanadh agus mu a dhìleab.

30 minutes

Last on

Fri 9 Sep 202215:30

Broadcasts

  • Tue 8 May 201812:03
  • Tue 8 May 201822:00
  • Sun 13 May 201810:00
  • Tue 19 Mar 201912:00
  • Tue 19 Mar 201922:00
  • Sun 24 Mar 201910:00
  • Fri 7 Aug 202009:00
  • Fri 9 Sep 202215:30