
Coinneach madainn Dimàirt
Cothrom eile cuairt a ghabhail timcheall an Doctor Who Experience ann an Cardiff. Another chance to listen to a tour of the Doctor Who Experience in Cardiff.
An-diugh cothrom eile èisteachd ri cuairt timcheall an Doctor Who Experience ann an Cardiff còmhla ri Calum MacFhionghain 'sa chaidh a chlàradh ann an 2013.
Am measg na chì Calum agus Coinneach tha èididhean nan diofar dhotairean, na Daleks, na Cybermen agus na Sontarans.
Tha Daibhidh Eyre ag innse mu na leabhraichean a fhuair e ann am bùth-charthannais airson £5: The Hitchhiker's Guide to the Galaxy, Scottish Epitaphs agus cruinneachadh bàrdachd le Raibeart Browning.
Agus cò na h-iar-oghaichean do dh' fhear-cinnidh Chlann Amhlaigh Leòdhais a bha fìor chudromach ann an eachdraidh na h-ìmpireachd ann am m Breatainn mu dheireadh na 19mh linn deug? Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart ag aithris air Sgàire, Cailean, Amhlaigh agus Sìne, iar-oghaichean Dhòmhnaill Cham MhicAmhlaigh. Teaghlach a chuidich le bhith a' cur às dha tràilleachd, le bhi stèidheachadh colonaidh Sierra Leone agus le bhith smachdachadh na h-Innseachan do Bhreatainn. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
![]()
Taisbeanadh Dr Who ann an Cardiff 2013: Dealbhan
Coinneach MacÌomhair, Calum MacFhionghain agus Seonag Monk aig taisbeanadh Dr Who.
Broadcasts
- Tue 8 May 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 8 May 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
