
Feasgar air Diciadain
An-diugh comhairle mar bu chòir fiosrachadh pearsanta a dhìon air na meadhanan sòisealta. Today we hear advice on protecting personal information on social media.
Tha bùth Sainsbury's air a ràdh gu bheil iad an dùil tòiseachadh air broilleach circe a' reic ann an dòigh ùr - air a phacadh ann am pìos plastaig far nach tèid ar làmhan faisg air an t-sitheann. Ach carson a thathar an dùil seo a dhèanamh? Uill as dèidh rannsachadh tha e coltach gu bheil an t-eagal uabhasach air Generation Y, sin daoine bho 35 bliadhna dh'aois, puinnsean bìdh fhaighinn bhon a bhith a' làimhseachadh feòil a tha amh. Tha Sainsbury's cuideachd dhen bheachd gun obraich seo airson daoine a th'ann an cabhag gus rudan a dhèanamh nas fhasa dhaibh.
Tha Facebook a' toirt barrachd buaidh air beachdan dhaoine na gu leòr de riaghaltasan agus companaidhean mòr eile agus na billeanan do dhaoine air feadh an t-saoghail ga chleachdadh gach latha. Ach dè a tha sinn ag innse mu ar deidhinn fhèin air na meadhanan sòisealta - tha Dòmhnall I Dòmhnallach a' toirt comhairle air mar a thèid againn air dìon a dhèanamh air fiosrachadh pearsanta.
Tha còig bliadhna fichead ann an dràsta fhèin bho chaidh balach òg a mhurt ann a Lunnainn. Bha ainm a' bhalaich air bilean an t-shluaigh fad ùine mhòr air sgàth 's an adhbhar a chaidh a chur gu bàs agus na ceistean a chaidh a thogail mu dheidhinn trioblaidean gràinn-cinnidh anns an rìoghachd. Tha Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn air a' chiad phrògram telebhisean de thrì fhaicinn agus tha e a' cuir an sgeulachd nar cuimhne. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Music Played
![]()
James Morrison
Fix The World Up For You
- Songs for You, Truths for Me.
- 010.
![]()
Florence + the Machine
Shake It Out
![]()
Adele
I'll Be Waiting
![]()
Olly Murs
Beautiful To Me
![]()
LeAnn Rimes
How Do I Live
![]()
Nick Cornu, John Fortis, Ashley Krajewski & Ellie Goulding
How Long Will I Love You
- Halcyon Days.
- Polydor.
- 021.
Broadcast
- Wed 18 Apr 201812:33BBC Radio nan Gàidheal
