
24/03/2018
Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Derek MacAoidh. Local, national and international sport presented by Derek MacKay.
Derek MacAoidh a' coimhead air sgioba ball-coise nàiseanta na h-Alba agus an geama càirdeil aca an aghaidh Costa Rica. Tha cuairt dheireannach Cupa Dùbhlan na h-Alba gu bhith air a chluich feasgar eadar Dùn Bhreatainn agus Caley Thistle Inbhir Nis. Tha Rugbaidh Pro14 air ais, bidh iomain fon phrosbaig agus bidh Ailean MacLeòid a' toirt sùil air dìleab Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu. Cuideachd chaidh Calum MacAmhlaigh a bhruidhinn ri Malin NicUilleam a th' ann an sgioba Bhreatainn Iùdo. Agus bidh Derek 'Pluto' Moireach a' nochdadh tron a' phrògram ag innis mun dùbhlan aige airson Sport Relief.
