
23/03/2018
'S iad aoighean na seachdain-sa, Seonaidh Mac an t-Saoir à Uibhist agus Alasdair MacIlleBhàin à Muile. Joining John this week are musicians Seonaidh MacIntyre and Alasdair Whyte.
Dà uair a thìde de cheòl air leth agus còmhradh inntinneach còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. Còmhla ris an t-seachdain-sa, bidh an luchd-ciùil cliùiteach Seonaidh Mac an t-Saoir à Loch a' Chàrnain an Uibhist a Deas, agus Alasdair MacIlleBhàin às an t-Sàilean ann am Muile.
Tha an dithis thàlantach a tha sin air a bhith an sàs ann an ceòl bho aois glè òg, agus bidh iad a' gabhail gach cothrom gus inbhe an dualchais fhèin a thogail ann an iomadh ceàrn den t-saoghail. Tha iarrtas mòr air na comasan-ciùil aig Seonaidh agus bidh e a' cluich leis a' chòmhlan ainmeil Trail West, a tha ag obair air an treas clàr aca an-dràsta. Rinn e cuideachd clàr The Torlum Sessions le uncail, Ailig MacAoidh à Tòrlum am Beinn na Fadhla.
Chuireadh eòlas air Alasdair an toiseach nuair a choisinn e Bonn Oir a' Chomainn Ghàidhealaich ann an 2009, aig naoi bliadhn' deug a dh' aois. An-diugh tha e aithnichte mar sheinneadair agus mar sgrìobhaiche-òrain air leth agus tha e an-sàs ann an obair-rannsachaidh aig Oilthigh Ghlaschu. Tha iadsan gu bhith air an àrd-ùrlar aig an CCA ann an Glaschu oidhche Shathairne mar phàirt den tachartas ciùil aig Ceòl 's Craic, Gaelictronica.
Cluinnidh sinn seanchas nan seòid, agus ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta ac', eatorra. Mar is àbhaist cuideachd bìth taghadh math measgaichte de sheinneadairean is còmhlain aig Iain fhèin dhuinn. Tha iad sin uile air an taghadh eadar Americana, folk, ceòl Ceilteach is Country & Western, le seann òrain agus feadhainn a tha buileach ùr air an clàradh.
Joining John this week are musicians Seonaidh MacIntyre from South Uist and Alasdair Whyte from Mull. They will both be appearing in Gaelictronica at Ceòl 's Craic in Glasgow on Saturday 24th March.
Last on
Music Played
![]()
Trail West
Here We Go A Flat
- Rescattermastered.
- 011.
![]()
Blake Shelton
Friends (From The Angry Birds Movie)
![]()
Miranda Lambert
Hard Staying Sober
![]()
Cowboy Copas
Flat Top
![]()
Della Mae
To Ohio
- Della Mae.
- Rounder.
- 006.
![]()
WHɎTE
Leis A' Bhàta
- Fairich.
- Whyte Noise.
- 3.
![]()
Iain MacDonald/Iain MacFarlane
The Green Shades of Gask / Capt White's / Mike MacDougall's
![]()
Scotty McCreery
Home In My Mind
![]()
Lillie Mae
These Daze
![]()
Susanne Sundfor
Undercover
![]()
Brent Cobb
Traveling Poor Boy
![]()
Ronnie Dunn & Rebecca Lynn Howard
If I Could Only Win Your Love
![]()
Bruce Springsteen
Thunder Road
- The Essential Bruce Springsteen.
- Columbia.
![]()
Sweethearts of the Rodeo
When Love Comes Around the Bend
![]()
INYAL
Chi Mi, Chi Mi Fada Bhuam / Se Mo Cheist An Gille Donn
- Inyal.
- Inyal.
- 3.
![]()
Loretta Lynn
This Old House
![]()
April Verch
The Newpart
Broadcast
- Fri 23 Mar 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
