
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh cùis-lagha ann an cùirt an t-Siorram anns an Òban is Diùc Earra-Ghàidheal agus an tuathanach Tòmas Barr a' sireadh òrdugh-bacaidh a chumadh ochdnar Thiristeach bho fearann ann am Baile Pheadrais air an 16mh den Ghearran, 1918.
Chaidh innse gu robh am Morair Leverhulme air Leòdhas a cheannach agus cluinnidh sinn mar a dh' innis an Ross-shire Journal dè a bha na rùn.
Cluinnidh sinn cuideachd mar a thill an raider ainmeil Gearmailteach SMS Wolff air ais dhan Ghearmailt air an 24mh den Ghearran 1918.. Bha i air a bhith aig muir fad còig mìosan deug, air a dhol còrr air 60,000 mìle, air ionnsaighean a thoirt cho fada air falbh ri Astràilia is New Zealand, air ceithir soitheach deug a ghlacadh is a chur fodha, agus air mèinnean a chur sìos a sgrios trì soitheach deug eile. Nuair a thill i gu caladh Kiel bha còrr air 450 prìosanach air bòrd agus mòran stuthan luachmhor air an goid bho shoithichean mus deach an cur fodha.
Air an 26mh chaidh am bàta-ospadail Breatannach, an Glenart Castle, a chuir fodha leis a' bhàt'-aigeil UC-56 ann an Caolas Bhristol, gnìomh a chuir uabhas air an dùthaich. Ged a b' ann air a slighe a dh'iarraidh leòintich a bha i, bha còrr air 150 neach air bòrd is cha do shàbhail ach duine na dhithis.
A rèir a' Highland News b' e gainnead bìdh a bha na adhbhar dragh do mhuinntir nam Bàgh anns na Hearadh agus bha gainnead bìdh cuideachd na adhbhar dhragh do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich. Aig coinneamh anns an taigh-chùirt am Port Rìgh chruinnich luchd-gnìomhachais, marsantan agus tuathanaich 's iad iomagaineach mun bhuaidh a bha aig lùghdachadh san t-seirbheis rèile air an taobh an iar. Bha iad ag iarraidh leasachadh air an t-suidheachadh as a' bhad, gu h-àraid a thaobh biadh bheathaichean a bha air fàs anabarrach gann. Bha muinntir Ratharsair a' gearain mun t-suidheachadh anns an robh iad fhèin a thaobh seirbheisean puist is eile, a rèir litir a nochd anns a' Highland News.
Last on
Broadcasts
- Mon 12 Mar 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 12 Mar 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 Mar 201813:00BBC Radio nan Gàidheal