
Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain
Seonaidh Ailig a' beachdachadh air cùisean air gach taobh den chuan. John Alick Macpherson contemplates life on both sides of the Atlantic.
Bha Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain iomadh mìle bho àite bhreith is àraich anns na h-Eileanan an Iar sna bliadhnaichean mu dheireadh dha bheatha agus e fhèin agus a bhean, Helen a' fuireach gu dòigheil an cois Abhainn Mira ann am Marion Bridge, faisg air Sydney an Eilean Cheap Breatainn. Ach na inntinn, agus le teicneòlas, chan robh an t-astar idir cho fada.
Na bheatha-obrach shoirbheachail bha e na thidsear, na riochdaire rèidio agus telebhisean, na chonaltraiche corporra agus na Iar Cheannard air Comataidh Craolaidh Gàidhlig. Ach os cionn a h-uile càil 's e Gàidheal a bh' ann. Mar a thuirt e san leabhar aige Steall à Iomadh Lòn, "Tha mi taingeil gur ann an coimhearsnachd Gàidhlig a chaidh m' altram, ach air mo dhorranachadh gu bheil i air crìonadh. Tha mi taingeil cuideachd gun d'fhuair mi iomadh cothrom, eadar dualchas, càirdeas, àrainneachd, foghlam, cosnadh is siubhal. Ach 's e na dh'ionnsaich mi aig a' ghlùin an cothrom bu phrìseile dhiubh uile."
B' e seanchaidh air leth a bh' ann agus anns an t-sreath phrògraman tha seo tha e ag innse mar a chuir e seachad a bheatha 's an iomadh lòn às na chuir e steall.
Last on
More episodes
Previous
Next
You are at the last episode
Broadcasts
- Tue 30 Jan 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Jan 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Feb 201810:00BBC Radio nan Gàidheal