
An t-Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba
Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh. Gaelic service with Rev Hugh Stewart, Church of Scotland parish of Uig and Bernera.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 90: 1-2 air fonn Bangor agus 's e Calum MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air Sràid Gardner.
Salm 85: 6-7 air fonn Colsehill agus 's e Coinneach Peutan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn ann an Glaschu.
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus 's e Iain Gillìosa Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Àrd-eaglais Steòrnabhaigh .
Leughadh: Leabhar Gnìomharan nan Abstol 2: 37-47
Ceann-teagaisg: Leabhar Gnìomharan nan Abstol 2: 37-47
Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.
Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.
B' ann sa choitheanal seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-eileanan anns na 1820an. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comanachaidh aig an àm sin.
Tha Mgr Stiùbhart pòsta aig Seonag Mhoireach agus tha aon bhalach aca.
Last on
An t-Urr Ùisdean Stiùbhart

Broadcasts
- Sun 28 Jan 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Jan 201815:00BBC Radio nan Gàidheal