
Episode 182
Deasbadan sradagach mun chogadh ann an Taigh nan Cumantan. The war is the subject of heated debates in the House of Commons.
Mar a chluinneas sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill, bha deasbadan sradagach mun chogadh a' fàs nas cumanta ann an Taigh nan Cumantan. Air 14mh den Fhaoilleach thug ceithir bàtaichean-cogaidh Gearmailteach ionnsaigh air Yarmouth, a' marbhadh ceathrar is a' leòn ochdnar eile. Thug an riaghaltas cunntas lom dhan Phàrlamaid air an tachartas seo, mar nach b' e rud cudromach a bh' ann, ach cha robh cuid de na buill-pàrlamaid toilichte le sin.
Thàinig Ministear na Seirbheis Nàiseanta, Sir Auckland Geddes, cuideachd fo ìmpidh ann an Taigh nan Cumantan air an aon là. Dh'iarr e cead Bile a chur tron phàrlamaid mu dhòighean air barrachd dhaoine fhaighinn dha na feachdan. Am measg rudan eile, bhiodh seo a' ciallachadh nach biodh e cho furasta do dhaoine seachnadh a bhith air an togail air sgàth na h-obrach aca.
Agus air 15mh den mhìos chuala Taigh nan Cumantan mu cho-dhùnaidhean an sgrùdaidh a rinneadh air Blàr Cambrai, a ghabh àite san t-Samhain 1917.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 180118
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 18 Jan 201821:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 19 Jan 201811:50BBC Radio nan Gàidheal
