Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann MacCoinnich, seirbheis deireadh bliadhna

Seirbheis deireadh bliadhna còmhla ris an Urr Eachann MacCoinnich, ministear san arm. Rev Hector MacKenzie with a special service for the end of the year.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean a leanas:
Adeste Fideles air a sheinn le Pòl MacCaluim
Fada Cian ann an Stàball air a sheinn le Anna Nic na Ceàrdaich
Ainglean Chuala Sinn gu h-Àrd air a sheinn le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu
Reul Thorach an Àigh air a sheinn le Fiona NicCoinnich

Leughadh: Lùcas 1: 26-38

Ceann-teagaisg: Lùcas 1:28

Tha Eachann MacCoinnich na mhinistear ann an Eaglais na h-Alba agus an-diugh tha e na phadre san Arm. Chuir e seachad còrr is trì bliadhna cuide ri Na Highlanders agus tha e a-nise ann an Colchester ann an Sasainn. Buinidh Eachann do sgìre Chille Mhoire ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich. Thogadh e ann an Hùnagladar agus tha an teaghlach an sin fhathast.

Mus deach a ghairm dhan mhinistrealachd, bha Eachann ag obair bhon taigh do Shabhal Mòr Ostaig, a' cluich na pìoba aig cèilidhean fad an t-samhraidh agus na chroitear. Tha ùidh mhòr aige fhathast ann an obair an fhearainn is gnothaichean dùthchail. A bharrachd air a sin, bidh e a' cluich iomain, a' sreap nam bean, nuair a bhios an cothrom aige, agus ag iasgach. Tha ùidh mhòr aige anns a' Ghàidhlig agus ann an dualchas is eachdraidh nan Gàidheal.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 31 Dec 201709:00
  • Sun 31 Dec 201715:00