Litir do Luchd-ionnsachaidh
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa. Litir àireamh 961.
Last on
More episodes
Previous
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 657
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 961
Duration: 05:00
Litir 961: A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe
Cia mheud fidheall ann an Alba air a bheil ainm sònraichte? Tha mi a’ ciallachadh le sin ainm pearsanta. Chan eil fhios agam, ach tha mi eòlach air aon tè. Tha i ann an Taigh-tasgaidh Clann Donnchaidh ann am Bruthar ann an Siorrachd Pheairt. ʼS e an t-ainm a th’ oirre ‘A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe’. Tha i co-cheangailte ris an eachdraidh a bha mi ag innse dhuibh mun deuchainn mhòr shaidheansail air Sìth Chailleann ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774).
An dèidh seachd seachdainean deug air a’ bheinn, bha an deuchainn – airson cuideam na cruinne a thomhas – deiseil. Air an oidhche mu dheireadh, chùm an luchd-saidheans pàrtaidh ann am bothan air a’ bheinn. Bha cuid de mhuinntir an àite an làthair oir bha iad air a bhith an sàs anns a’ phròiseact mar luchd-obrach. Nam measg, bha fear Donnchadh MacDhonnchaidh. Bha e na fhìdhlear air leth. Gu tric bhiodh e a’ toirt na fìdhle aige don bhothan a chluich rìdhlichean is sigichean.
Aig a’ phàrtaidh, ge-tà, thachair rudeigin. Chaidh am bothan na smàl. Fhad ʼs as aithne dhomh, cha deach duine a ghoirteachadh, ach dh’fhalbh an fhidheall anns an teine. Agus dh’fhàg sin Donnchadh troimhe-chèile. Cha robh e beartach. Ciamar fon ghrèin a bha e a’ dol a cheannach fidheall ùr?
Uill, gu fortanach, cha robh aige ri fidheall a cheannach. Nuair a thill e a Lunnainn, lorg ceannard na deuchainne saidheansail, Nevil Maskelyne – an Reultair Rìoghail – fidheall ùr. Chuir e gu Donnchadh i. Bha Donnchadh cho sona ris an rìgh agus sgrìobh e port, a’ comharrachadh na h-ionnsramaid ùir aige. Agus chuir e an t-ainm oirre ‘A’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe’ no ann am Beurla ‘The Yellow London Lady’. Feumaidh gun robh i car buidhe ann an dath. Chunnaic mi dealbh dhith agus chan eil i a’ coimhead cho buidhe an-diugh. Ach tha i dà cheud gu leth bliadhna a dh’aois – no barrachd.
Nuair a bha Donnchadh suas ann am bliadhnaichean, thug e a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe do charaid dha air an robh Cuimeanach mar chinneadh. Ach chuir e cùmhnant air – gu feumadh an Cuimeanach an fhidheall fhàgail aig fear eile air an robh Donnchadh MacDhonnchaidh mar ainm. Bhon uair sin, tha i air a dhol bho Dhonnchadh MacDhonnchaidh gu fear eile dhen aon ainm.
Chaidh fear de na daoine sin a dh’fhuireach ann an Astràilia. Dh’fhàg e a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe aig a mhàthair ann an Raineach. Thug ise air iasad i gu fear Alasdair a’ Phìobaire a bha ainmeil mar fhìdhlear agus pìobaire. Bha Alasdair a’ gabhail pàirt ann an fharpais-chiùil ann an Liverpool.
Bhuannaich e an fharpais ach dh’òl e cus an dèidh làimhe. Chosg e an t-airgead gu lèir aige agus cha robh càil na sporan airson faighinn dhachaigh. Thug e an fhidheall gu geall-cheannaiche no pawnbroker airson an t-airgead fhaighinn. Bha muinntir Raineach feargach nuair a chuala iad an naidheachd. Chuir iad airgead ri chèile agus chuir iad Alasdair air ais a Liverpool airson a’ Bhan-Lunnainneach Bhuidhe fhaighinn. Chaidh e ann, ach a-rithist dh’òl e cus agus thuit e, a’ briseadh amhaich na fìdhle. Obh obh.
Chaidh obair càraidh a dhèanamh oirre agus an-diugh tha i ann an staid mhath. Thig i a-mach bho àm gu àm airson cuirm-chiùil. Saoil an tig an latha nuair a chluicheas cuideigin i air cliathaich Sìth Chailleann? Beannachd leibh.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Sìth Chailleann: Schiehallion; an làthair: present; Donnchadh MacDhonnchaidh: Duncan Robertson; geall-cheannaiche: pawnbroker.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha i ann an Taigh-tasgaidh Clann Donnchaidh ann am Bruthar ann an Siorrachd Pheairt: it’s in the Clan Donnachaidh museum in Bruar in Perthshire; bha an deuchainn – airson cuideam na cruinne a thomhas – deiseil: the experiment – to measure the mass of the Earth – was over; chùm an luchd-saidheans pàrtaidh ann am bothan air a’ bheinn: the scientists held a party in a bothy on the mountain; bha e na fhìdhlear air leth: he was a superb fiddler; a chluich rìdhlichean is sigichean: to play reels and jigs; chaidh am bothan na smàl: the bothy went up in flames; sgrìobh e port, a’ comharrachadh na h-ionnsramaid ùir aige: he wrote a tune, commemorating his new instrument; chunnaic mi dealbh dhith agus chan eil i a’ coimhead cho buidhe an-diugh: I saw a picture of it and it doesn’t look so yellow today; chuir e cùmhnant air – gu feumadh an Cuimeanach an fhidheall fhàgail aig fear eile air an robh Donnchadh MacDhonnchaidh mar ainm: he made a condition – that Cumming would have to leave the fiddle to another man called Duncan Robertson; a’ gabhail pàirt ann an fharpais-chiùil: taking part in a music competition; dh’òl e cus an dèidh làimhe: he drank too much after; thuit e, a’ briseadh amhaich na fìdhle: he fell, breaking the neck of the fiddle; chaidh obair càraidh a dhèanamh oirre agus an-diugh tha i ann an staid mhath: it was mended and today it is in good condition; thig i a-mach bho àm gu àm airson cuirm-chiùil: it comes out from time to time for a concert; saoil an tig an latha nuair a chluicheas cuideigin i air cliathaich Sìth Chailleann?: I wonder if the day will come when somebody plays it on the side of Schiehallion.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: do charaid dha air an robh Cuimeanach mar chinneadh: to a friend of his with the surname Cumming. You might have expected me to say caraid aige, but the preposition do/dha can stand in for aig in this type of expression. ʼS e caraid dhomh a th’ ann ‘he is a friend of mine’; Bha e na chomhairleach dhaibh ‘he was an adviser to them’.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: Nuair a bha Donnchadh suas ann am bliadhnaichean: when Duncan was in his later years.
Broadcasts
- Sun 17 Dec 201722:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Dec 201723:00BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.






