
Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein
Iain MacIlleMhìcheil le liosta cheistean an-àbhaisteach do Ghàidheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well known Gaels some quirky questions.
Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein ann a Gearraidh Bhailteas, ann an Uibhist a Deas. Fhuair e chuid fhoghlaim eadar Uibhist agus Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain mas do thog e air gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Valladolid sa Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e mach na shagart san Ògmhìos 1971 agus fad grunn bhliadhnaichean bha e na shagart-paraiste ann an Dùn Omhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh mus deach e a dh' obair mar oifigear leigheas-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh agus a' toirt comhairle seachad dhaibhsan a tha faisg orra.
Tha e an-diugh air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad agus tha e a' fuireach ann a Port na Bànrighinn a Deas le a' bhean Màiri agus an teaghlach aca.
Anns a' phrògram mu dheireadh san t-sreath seo de Sealladh Eile, gheibh sinn beachdan Iain Eàirdsidh a thaobh feallsanachd agus pearsantachd, cluinnidh sinn dè na buadhan as làidire th' aige agus an laigse a th' ann a mhiannaicheadh e atharrachadh.
Last on
More episodes
Next
You are at the last episode
Broadcasts
- Thu 30 Nov 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 30 Nov 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Dec 201709:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 25 Nov 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 25 Nov 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Dec 201913:00BBC Radio nan Gàidheal