
Coinneach madainn Diciadain
Sùil air an t-suidheachadh ann am Bali far a bheil a' bheinn-teine Mount Agung an impis spreadhadh. The latest from Bali as the volcano Mount Agung threatens to erupt.
A' leantainn air adhart bho phrògram an dè mu dheidhinn call a' bhàta-seòlaidh an 'Annie Jane' air Tràigh Iar ann a Bhatarsaigh, cluinnidh sinn beagan a bharrachd mu eachdraidh an eilean aig an àm sin agus na planaichean a th'aig a' choimhearsnachd airson an carragh-cuimhne agus an làrach far a bheil na cuirp air an tiodhlacadh a leasachadh.
Tha Teàrlach MacIain ag aithris à Bali far a bheil a' bheinn-teine Mount Agung an impis spreadhadh. Tha an suidheachadh a' toirt fìor dhroch bhuaidh an dà chuid air muinntir na sgìre agus air luchd-turais.
Tha Leas-Phrìomh-mhinistear na h-Èirinn, Frances Fitzgerald, air a dreuchd a leigeil dhith as dèidh sgainneal a th'air riaghaltas na dùthcha fhàgail ann an staing. Ach cò i, carson a tha i fon phrosbaig agus dè a' bhuaidh a bheir seo air a' phartaidh aice, Fine Gael, aig àm cudromach ann am poilitigs na h-Èirinn air fad?
Agus mu dheireadh tha sinn a' dol gu Tasglann na Gàidhealtachd còmhla Dòmhnall Iain Macleòid agus esan air bhith a' rannsachadh agus a' taghadh cuid de na pàipearan. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 29 Nov 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 29 Nov 201721:00BBC Radio nan Gàidheal