
Anna NicRisnidh
Buaidh tinneas ME (Myalgic Encephalomyelitis) air beatha Anna NicRisnidh. Anna MacRitchie talks about the debilitating effects of ME (Myalgic Encephalomyelitis) on her life.
Tha Anna NicRisnidh air a bhith a' fulang le ME (Myalgic Encephalomyelitis) airson còrr is fichead bliadhna.
'S ann an dèidh dhith a bhith tinn le bhìoras a' "flu" a bhuin ME rithe an toiseach agus b' fheudar dhith a h-obair ann an coimpiutaireachd a leigeil dhith. Chan eil Anna air obrachadh on uairsin. Tha an tinneas ga fàgail le sgìths do-chreidsinneach, gun lùths na fèithean agus duilgheadasan le a cuimhne is le a cadal. An dèidh ùine cho fada a' fulang le ME, tha i air fàs cleachdte ri pàtran an tinneis is tha i a' dèanamh mar as urrainn dhith a-rèir mar a bhios i a' faireachdainn bho là gu là.
Bhruidhinn Anna ri Catriona Mhoireach mun bhuaidh a tha ME air toirt air a beatha.
Last on
Anna agus a h-ogha Anna Rose

Broadcasts
- Tue 21 Nov 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 21 Nov 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Nov 201710:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 3 Sep 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 3 Sep 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Sep 201813:00BBC Radio nan Gàidheal