
Episode 173
Chaidh sàbhaladh fortanach air seòladair às an Eilean Sgitheanach air an 11mh den t-Samhain 1917. A story of survival of a sailor from Skye by sheer chance - on November 11, 1917.
Bha sabaid chruaidh a' leantainn aig Passenchdaele sa Bheilg agus Gàsa ann am Palestine, le Arm Breatainn a' togail air an adhartas a rinn iad san dà àite air an t-seachdain ron a sin aig toiseach na Samhain 1917, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse dhuinn.
Chaidh sàbhaladh fortanach air seòladair às an Eilean Sgitheanach san t-Samhain 1917. Bha Eàirdsidh Dòmhnallach à Dùn Bheagain air tràlair ann am Portsmouth, tè dhen fheadhainn a bha sguabadh na mara airson mhèinnichean, ach bhiodh iad ga thoirt air falbh uaireannan gu oifis a' phuist sa bhaile on a bha e na phost ron Chogadh. Sin a thachair air an 11mh den t-Samhain 1917, mar a tha a mhac, Ailean Dòmhnallach, ag innse ann na sgeulachd chianail sa phrògram.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 161117
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 16 Nov 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 17 Nov 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
