Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 171

Sgeulachd iongantach Choinnich MhicPhàil à Arnol a fhuair às an SS Cambric nuair a chaidh a cuir fodha. Kenneth MacPhail's amazing story of survival on SS Cambric.

Air an 30mh den Dàmhair 1917 bha an SS Cambric air a slighe eadar Tunis agus Breatainn le cargu gual. Mu mheadhan-oidhche chaidh a cur fodha le torpedo bho U-35. Bha Coinneach MacPhàil à Àrnol ann a Leòdhas na ghunnair air a' Chambric agus san oidhche dhubh-dhorch chaidh aige fhèin agus dòrlach dhaoine eile air leum dhan mhuir agus snàmh air falbh. Chaidh duine an dèidh duine dhiubh a bhàthadh ach chaidh aig MacPhàil air cumail a' dol. Cluinnidh sinn bho Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dha.

Air an aon là bha an t-sabaid dha-rìribh cruaidh aig Passchendaele. Ghlac na Canèidianaich na bh' air fhàgail de thalamh àrd agus ràinig iad iomall a' bhaile. Thòisich na Breatannaich ionnsaigh às ùr.

10 minutes

Clip

Broadcasts

  • Thu 2 Nov 201721:00
  • Fri 3 Nov 201711:50