
Coinneach Moireasdan
A dh'aindeoin ciorram tha Coinneach Moireasdan na shàr ghoilfear agus na dheagh thosgaire airson spòrs. Golfer and amputee Kenny Morrison shares his enthusiasm for the sport.
Rugadh Coinneach Moireasdan gun cnàmh fibula na chois dheis a' ciallachadh gu robh coiseachd uamhasach doirbh dha na òige. Bha Coinneach seachd bliadhna a
dh'aois nuair a chaidh co-dhùnadh a chas a thoirt dheth. Bhon uairsin chun an là an-diugh chan eil e air leigeil le a chiorram stad a chur air ann an raon sam bith de a
bheatha.
Na bhalach òg ann an Scalpaigh bha e a' cluiche iomadach spòrs còmhla ri a chomhaoisean agus an-diugh tha e na chaiptean air Club Goilf na Hearadh. Tha e
air urram cuideachd a chosnadh mar bhall de sgioba Alba a tha a' cluiche goilf do dhaoine ciorramach aig ìre eadar-nàiseanta.
'S e duine blàth, dàimheil a th' ann an Coinneach agus tha e na dheagh thosgaire airson spòrs do dhaoine air a bheil ciorram agus air nach eil. Bhruidhinn e ri Catriona Mhoireach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 31 Oct 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 31 Oct 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Nov 201710:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Jul 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 30 Jul 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 5 Aug 201813:00BBC Radio nan Gàidheal
