
Coinneach Dimàirt
Còmhradh, conaltradh agus cnuasachadh gach là. Post-dealan: [email protected]. Daily debate and discussion with Coinneach MacIomhair.
Tha connspaid air a bhith a' leantainn Dòmhnall Trump bhon a chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe nan Stàitean Aonaichte. Agus a-rèir choltais, tha na h-uidhir dhen fheadhainn a tha gu dubh na aghaidh airson a thoirt gu lagh - fo chasaidean gu bheil e a' dèanamh droch-ghiùlan de dhreuchd phoblach a' Chinn-Suidhe. Ach dè direach a th'ann an "impeachment"?
Tha Riaghaltas na Frainge a' lorg càraid a thèid a dh'fhuireachd air eilean beag Quéménès, far costa a' Bhreatainn Bhig. Tha deich bliadhna ann bhon a chaidh càraid a thaghadh roimhe airson a dhol a dhèanamh dachaigh ann, is thog iad sin teaghlach air an eilean. Ach, tha' d a-nise air innse gu bheil iad a' fàgail. Carson a tha an Riaghlatas airson daoine eile fhaighinn agus dè seòrsa àite a th' ann an Quéménès? Cluinnidh sinne, às an Fhraing, bho Sheònaid Boydell.
Tha Ceannard Uber ann am Breatainn air a dreuchd a leigeil dhith, deich latha an dèidh dhan a' chompanaidh cead airson a' bhith ruith sheirbheisean-tacsi ann an Lunnainn a chall. An-diugh, gheibh sinn mìneachadh air dè mar a tha Uber agus companaidhean coltach ris ag obair.
Agus bidh an Dr Aonghas MacCoinnich air ais le dà phàipear à Tasglann nan Caimbeulach aig Caisteal Inbhir Aora. An-diugh, cunntas air sgìrean-eaglais agus mucan-mara Leòdhais san 18mh linn. Anns a' chiad phàipear, aithris mu na diofar sgìrean-eaglais a bha an Eilean Leòdhais ann an 1716 - is moladh airson ministeir eile a chuir a dh'Ùig. 'S ann bho 1736 a tha an dàrna pàipear, nuair a bha deasbad air èirigh ann an Col Uarach. Bha mucan-mara air a dhol air tìr air Tràigh Chuil - agus bha muinntir an àite agus na Caimbeulaich ag argamaid a thaobh cò bu leis an òla luachmhor a thàinig bhuapa!
www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 3 Oct 201709:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 3 Oct 201721:03BBC Radio nan Gàidheal