
Eilidh NicDhonnchaidh
Tha Calum McConnell a' bruidhinn ri Eilidh NicDhonnchaidh mu theagasg. Calum McConnell chats to Eilidh Robertson, a trainee solicitor from Skye, who teaches in her spare time.
Sa phrògram mu dheireadh dhen t-sreath, tha Calum McConnell a' coinneachadh ri tè òg às an Eilean Sgitheanach a bhios a' teagaisg ann an iomadach dòigh. Tha Eilidh NicDhonnchaidh na neach-trèanaidh lagha ann an Dùn Èideann, is bidh i a' teagaisg gu prìobhaideach agus air na cùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig san ùine aice fhèin.
Tha Eilidh ag innse do Chalum carson a tha i fhathast a' teagaisg ged a tha a beatha cho trang sna làithean sa. Cuideachd, tha i a' coinneachadh ris an tidsear a thug buaidh oirre fhèin, Murdina Stiùibhart, airson còmhradh mu làithean na sgoile agus mar a tha an dithis aca a' teagaisg chùrsaichean goirid a-nise.
Cuideachd, tha Calum a' coinneachadh ri seann thidsear eile a bh' aig Eilidh ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, Eoghan Stiùibhart. Bha Eoghan ga cuideachadh nuair a shoirbhich Eilidh agus a caraid Anna aig Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean ann an 2009.
Last on
Broadcasts
- Mon 2 Oct 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 2 Oct 201722:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Oct 201713:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Dec 201812:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Dec 201822:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Dec 201813:00BBC Radio nan Gàidheal