
Coinneach Dimàirt
A bheil ceartas poilitigeach a' cur às dha comadaidh? Is political correctness killing comedy?
An t-seachdain sa, bha Noel Edmunds ag innse mar a theab foill ionmhais crìoch a thoirt air a' ghnìomhachas aige, agus gu dearbh air a bheatha fhèin. An-diugh air a' phrògram mìnichidh an eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain mar a thachair am foill.
Tha Niall Bartlett air ais le cunntas eile air na bha a' dol mun àm sa ann an 1917 anns an Ruis, agus an dùthaich air a slighe gu ruige Ar-a-Mach an Dàmhair. Tha e an-diugh a' beachdachadh air suidheachadh a' Ucràin tron chòmhstri.
Cluinnich sinn mu iomairt spòrs Gàidhlig ùr a chaidh a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.
Agus tha an cleasaiche Aimeireaganach Mel Brookes a' gearain gu bheil ceartas poilitigeach a' cur às dha comadaidh. Gheibh sinn beachd bho thriùir a tha air a bhith an sàs ann an sgrìobhadh agus a' gabhail pàirt ann an comadaidh thar nam bliadhnaichean. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 26 Sep 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 26 Sep 201721:00BBC Radio nan Gàidheal