
Feasgar air Diciadain
Tha Ruairidh Francis a' mìneachadh mar a dh'fhaodadh ath-bheothachadh a thoirt air a' Choille Chailleanaich. How the Caledonian Pine forest could be re-established.
Tha a' bhuidheann charthannais "Trees for Life" ag iarraidh ùrachadh a thoirt air a' Choille Chailleanaich. Tha iad an dòchas craobhan giuthais a chuir ann an sgìrean far am b' àbhaist dhan chraoibh a bhith pailt. Dè is coireach nach eil na h-uimhir dhiubh ann an-diugh? Dè cho lìonmhor 's a bha i aig aon àm? Tha an eòlaiche choilltean Ruairidh Francis còmhla ri Cathy airson na ceistean sin a fhreagairt. Agus fhad 's a tha sinn a-mach air coilltearachd, cluinnidh sinn bho Chalina NicDhòmhnaill mu na craobhan as fheàrr a dh'fhàsas sna leasan againn fhèin.
Tha Robbie Greig ag innse mun a' chiad chuirm aig an robh e fhèin. Chaidh e a dh'fhaicinn The King Blues, còmhlan punk gu math poilitigeach. Bha e ceithir bliadhna deug a dh'aois nuair a chaidh e a Ghlaschu còmhla ri charaidean agus bha oidhche air leth aca.
An-diugh gheibh sinn òran bho na King Blues, bho Belle and Sebastian agus The Fizz.
Last on
Music Played
![]()
Twin Atlantic
Audience And Audio
- A Guidance from Colour.
- 001.
Broadcast
- Wed 27 Sep 201712:33BBC Radio nan Gàidheal
