
Prògram Choinnich Diciadain
Aineolas mun tinneas schizophrenia agus dragh mu ghalair sùil ann am beathaichean. Survey reveals schizophrenia is widely misunderstood and fears over eye disease in animals.
An-diugh, cò th' anns na Rohingya? Gheibh sinn beagan de dh'eachdraidh an treubh mun bheil sinn a' cluinntinn uimhir an-dràsta, 's iad a teiche à Myanmar ri linn gràin-cinnidh.
Cluinnidh sinn cuideachd mu Ailean J MacEacharna, sàr neach-poilitigs ann an Canada agus a bha ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig. Chaochail e air an t-seachdain sa chaidh agus bidh Rob Dunbar a' ruith air sgeulachd-beatha MhicEacharna.
Tha eagal air nochdadh gum faodadh galair sùil nochdadh am measg bheathaichean ann am Breatainn. Bidh an lighiche-sprèidh, Iain MacIlleathain, a' mìneachadh de direach a th' ann an thelazia callipaeda.
Agus a bheil aineolas is mì-thuigse aig a' mhòr-shluagh mu schizophrenia? Tha rannsachadh ùr ag ràdh nach eil tuigse cheart aig daoine mu de a th' ann. Innsidh an saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid mun bhuaidh a th' aig an tinneas agus mar a thathas ga leigheas.
www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 20 Sep 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Sep 201721:00BBC Radio nan Gàidheal