
22/09/2017
Aoigh na seachdainn sa Iseabail Mhoireach a tha aithnichte ann an saoghal chultar agus na h-ealain. John is joined by Ishbel Murray from arts and culture programme Ceòl is Craic.
Dà uair a thìde de shàr cheòl is còmhradh còmhla ri Iain Mac 'ille Mhìcheil, a' craoladh beò à stiùdio a' BhBC ann an Glaschu. An t-seachdain-sa, bidh Iain a' cur fàilt' air an neach-ealain Iseabail Mhoireach, à Leòdhas.
Tha Iseabail glè aithnichte ann an saoghal cultarach nan Gàidheal ann an Glaschu, tron obair luachmhor a tha i a' dèanamh còmhla ri Ceòl is Craic, a tha ruith fad na bliadhna. Bidh i ag innse dhuinn mun chuirm shònraichte, Oidhche Americana, a tha a' bhuidheann sin a' cur air adhart Disathairne 23mh Sultuin aig an CCA am meadhon a' bhaile, agus mu na pròiseactan ealain eile anns am bheil i an sàs. Gheibh sinn a-mach cuideachd mu a h-obair mar oide Gàidhlig aig Colaiste Cheilbhinn Ghlaschu.
Cluinnidh sinn seanchas Iseabail, agus ceithir de na roghainnean ciùil pearsanta aice. A bharrachd air a sin, bidh sàr mheasgachadh de cheòl air a thaghadh le Iain fhèin dhuinn, a' gabhail a-steach cuid de na guthan 'Country' is fheàrr a th' ann.
Last on
Music Played
![]()
Donald Black
Gaelic Country
![]()
Little Big Town
Pavement Ends
![]()
Danni Nicholls
Leaving Tennessee
![]()
Dierks Bentley
Some Broken Hearts Never Mend
![]()
Brad Paisley
American Saturday Night
![]()
Tom Sloss
Gad Chuimhneachadh
![]()
Johnny Dowd
Sherry
![]()
Willie Campbell & The Tumbling Souls
Wishing My Time
![]()
Joan Osborne
Please Don't Tell Me How the Story Ends
![]()
Tav Falco
Mississippi River Blues
![]()
Diana Jones
O Sinner
![]()
Tumbling Bones
Broken Things
![]()
Françoise Hardy
Pas gentille (Bad Boy)
![]()
Ronnie Bowman
Left This Country Boy (Sittin' All Alone)
![]()
Marty Stuart
Hillbilly Rock
![]()
Grits/Glamour (Lorrie Morgan/PamTillis)
I'm Tired
![]()
Jim Reeves
Billy Bayou
![]()
Cherish the Ladies
An Cailin Rua / Minus Imus / The Rambling Sailor
Broadcast
- Fri 22 Sep 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
