
Coinneach Diardaoin.
An-diugh tha Coinneach ann an sgìre Aonghais air taobh sear na h-Alba. Kenny is in Angus, on the east coast of Scotland. bbc.co.uk/coinneach.
'S ann à Baile Fharfair a tha Prògram Choinnich a' tighinn an-diugh is Coinneach air chuairt ann an sgìre Aonghas air taobh sear na dùthcha.
Na chuideachd fad a' phrògram tha Catrìona Fhriseal agus Niall MacAmhlaigh a th'air a bhith a' fuireach san sgìre airson iomadh bliadhna. Còmhla riutha feuchaidh Coinneach am biadh ainmeil à baile Fharfair, na bridies! Saoil ciamar a chòrdas iad riutha?
Fhuair Coinneach, Niall agus Cathy cuairt timcheall Caisteal Ghlamis cuideachd, far an do rugadh màthair na bànrigh. Tha eachdraidh inntinneach aig a' chaisteal a tha a' dol air ais na ceudan bhliadhnaichean gu àm nuair a bha e na àite-sealg do sheann uaislean na dùthcha.
Agus fhuair iad sealladh air taisbeanadh crùnaidh a tha ri fhaicinn aig a' chaisteal an-dràsta. Anns a' chruinneachadh tha cleòcaichean, crùin, agus èididhean bho chrùnadh mhàthair na bànrigh agus an t-siathamh Rìgh Seòras ann an 1937. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 14 Sep 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Sep 201721:13BBC Radio nan Gàidheal
