
Coinneach madainn Dimàirt
An-diugh tha sinn cuimhneachadh air Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain. bbc.co.uk/feasgar. A special programme in memory of John Alick MacPherson.
An-diugh tha Coinneach a' cuimhneachadh air Seonaidh Ailig Mac a Phearsain, eòlaiche cumhachd niuclasach, sgrìobhadair, craoladair agus leasaiche cànain, a chaochail air 31 Lùnastal 2017, aois 79 bliadhna.
Chuir Seonaidh Ailig làithean òige seachad anns na Hearadh agus ann an Uibhist a Tuath. An dèidh dha ceumnachadh bho Oilthigh Dhùn Èideann agus Colaiste Chnoc Iòrdain, thill e a dh'Uibhist a theagasg ann an Sgoil Cheann a' Bhàigh. Chaidh e an uair sin gu Roinn na Gàidhlig aig a' BhBC is às an sin a-null a Chanada far an robh e ag obair grunn bhliadhnaichean do dh'Ùghdarras Atamach Chanada.
Thill e a dh'Alba anns na 1990an far an robh e na Iar-Stiùiriche air Comataidh Craolaidh Gàidhlig a bha a' riochdachadh prògraman telebhisean 'sa chànan. Bha Seonaidh Ailig gu mòr an sàs ann a bhi a' brosnachadh na Gàidhlig agus 'san iomairt airson seirbheisean rèidio agus seanail Gàidhlig a' chuir air chois.
Bha e cuideachd ainmeil mar sgrìobhadair is choisinn e Crùn a Bhàird aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Sruighlea ann an 1961. Sgrìobh e eachdraidh a bheatha san leabhar Steall à Iomadh Lòn a-nochd le mòr-chliù ann an 2011.
An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth thill Seonaidh Ailig a' Cheap Bhreatainn ach le Alba agus gu h-àraid na h-Eileanan an Iar dlùth air aigne.
Thairis nam bliadhnaichean bhruidhinn Seonaidh Ailig tric air prògram Choinnich agus cluinnidh sinn cuid de na còmhraidhean sin a-rithist an-diugh. www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 12 Sep 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 12 Sep 201721:00BBC Radio nan Gàidheal