
Coinneach Dimàirt
Cuairt air Achadh an Droighinn còmhla ri Àdhamh O Bròin. A tour of Auchindrain with Àdhamh O Bròin.
An-diugh tha Coinneach ann an Earra Ghàidheal aig Tasglann Caisteal Inbhir Aora far a bheil pàipearan eachdraidheil nan Caimbeulach. Còmhla ris a' dèanamh a thaghadh fhèin às na seann phàipearan tha An Dotair Aonghas MacCoinnich bho Oilthigh Ghlaschu.
Tha Coinneach cuideachd a' gabhail cuairt timcheall an t-seann bhaile Achadh an Droighinn còmhla ri Àdhamh O Bròin agus ann an Ceann Loch Gilp tha e a' tachairt ri Raibeart Mac a' Bhiocair am fear mu dheireadh anns an sgìre aig a bheil dual-chainnt an àite.
Agus tha Niall Bartlett air ais le cunntas eile air na bha a' dol mun àm sa dhen bhliadhna ann an 1917 anns an Ruis agus an dùthaich air a slighe gu ruige Ar-a-mach an Dàmhair. An-diugh cùis Seanalair Kornilov no an Kornilov Affair. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 29 Aug 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Aug 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
