
Coinneach Diciadain
Aithris air na thachair ann am Blàr Stalingrad anns an Ruis bho chionn 75 bliadhna. What happened in the Battle of Stalingrad 75 years ago in Russia? bbc.co.uk/coinneach.
Bho chionn trì fichead is a còig bliadhna deug thòisich blàr cho fuilteach is a bh'ann an eachdraidh an Dàrna Cogaidh agus an t-saoghail gu lèir. Chaidh faisg air dà mhillean duine a chall ann am Blàr Stalingrad eadar a' Ghearmailt agus an Ruis.
Gheibh sinn cunntas air a' bhlàr fuilteach a bha seo agus mìneachadh air mar a chaidh na h-uidhir a chall ann. Bheir an t-Ollamh Mata MacÌomhair agus an t-eòlaiche eachdraidh Niall Bartlett mìneachadh air na thachair.
Cuideachd sa phrògram an-diugh sgeulachd beatha inntinneach Dhòmhnaill Mhicleòid à Cùl nan Cnoc ann an Ceann a Tuath an Eilean Sgitheanaich. Chuir Dòmhnall iomadach bliadhna seachad mar fhear-smàlaidh ann an Lunnainn gus an do thill e air ais gu eilean àraich far an do thadhail Coinneach air bho chionn ghoirid. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Clip
![]()
Coinneach MacÌomhair 230817
Duration: 03:24
Broadcasts
- Wed 23 Aug 201709:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Aug 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
