
Episode 160
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain a dh'fhalbh, 100 bliadhna an ama sa. The events of the past week in World War One, 100 years ago.
Air an 16mh den Lùnastal, 1917 bha am pìobaire, Ailig MacIlleBhràth à Ath Tharracail còmhla ris an 16mh batàilian de na Canadian-Scottish agus tha eachdraidh a' bhatàilian ag innse mar a thachair do dha aig Blàr Hill 70. Tha e coltach gun tug Gearmailteach ionnsaigh air Ailig agus, gus e fhèin a dhìon, leig e às a' phìob is an dèidh làimh chan fhaigheadh e lorg oirre, rud a rinn an t-uabhas dragh dha. Dhiùlt e an toiseach a dhol air ais as a h-aonais ach, nuair a gheall an Seàirdseant-Màidsear gun coimheadadh e fhèin air a son, dh'aontaich e tilleadh. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair do dh' Ailig.
Last on
Clip
![]()
Seachdain sa Chogadh 170817
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 17 Aug 201721:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 18 Aug 201711:50BBC Radio nan Gàidheal
