
Ciorstaidh Nic-a-phì à Redjacket, Saskatchewan a' bruidhinn ri Fred MacAmhlaigh
Ciorstaidh Nic-a-phì à Redjacket, Saskatchewan a' bruidhinn ri Fred MacAmhlaigh ann a 1982. Kirsty MacPhee Redjacket from Saskatchewan speaking to Fred Macaulay in 1982.
Tha Canada, mar a chuala sinn na bu tràithe air a' bhliadhna, a' comharrachadh ceud gu leth bliadhna bho chaidh Co-Chaidreachas Chanada a stèidheachadh 's mar a tha fios againn, 's iomadh Gàidheal a chaidh a-null thar na linntean, cuid dhan deòin agus cuid dhan aindeoin. Tha earrann den eachdraidh aca air a thasgadh againn a seo aig Radio nan Gàidheal agus thairis air na deich seachdainnean tha romhain cluinnidh sinn cuid dhiubh. An toiseach sreath phrògraman a rinn Fred MacAmhlaigh an dèidh dha sgrìob a thoirt a-null a Chanada ann a 1982 agus a chaidh a chraoladh ann a 1983.
Dh'fhàg teaghlach Ciorstaidh Nic-a-phì Gramasadal am Beinn a' Bhadhla airson beatha ùr an Canada ann a 1884 agus rugadh Ciorstaidh ann a Redjacket, Sakatchewan còig bliadhna às dèidh sin. Nuair a chlàr Fred i ann a Moosomin, Saskatchewan bha i 95, ged nach aidicheadh i ach ri 90, agus rinn i dealbh gu math soilleir air mar a thachair riutha mar theaghlach. Chailleadh a pàrantan triùir chloinne agus bha am prairie lom le teantaichean fuar sa gheamhradh ach shoirbhich leotha mu dheireadh.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Fred MacAmhlaigh

Broadcasts
- Thu 17 Aug 201712:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Aug 201722:10BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Aug 201710:00BBC Radio nan Gàidheal